Jump to content

Afraga a Deas

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 09:00, 17 dhen Chèitean 2006 le 194.83.245.242 (deasbaireachd)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)

'S e duthaich ann an ceann a deas Afraga a th' ann am Poblach Afraga a Deas". Tha sluagh mu 45 millean daoine a' fuireach ann.

Tha Afraga a Deas ri taobh Namibia, Botswana, Zimbabwe, Mozambique, and Swaziland. Tha duthaich bheag air a' chuairteachadh le Afraga a Deas, 's e Lesotho a tha air.

'S e am baile as motha a th' ann an Johannesburg; tha trì prìomh-bhailtean aig Afraga a Deas, agus 's iad Cape Town, Pretoriaagus Bloemfontein.

Tha aon cànanan deug ann: Afrikaans, beurla, isiNdebele, Xhosai, Zulu, Swati, Setswana, Sesotho, Sesotho sa Leboa, Tshivenda agus Xitsonga. Ri linn seo, tha ainm oifigeil fa leth aig gach cànan air an duthaich.

'S e an duine as cliùtiche aig Afraga a Deas a th' ann an Nelson Mandela, a bha na cheann-suidhe bho 1994 gu 1999.


Eaconomaidh

Tha sgaradh mòr ann an eaconomaidh Afraga a Deas eadar coitcheannan a' Chiad Shaoghail agus an Treamh Saoghail. Tha na roinnean leasaichte den eaconomaidh gu math coltach ris an fheadahinn aig duthchannan beartach, den leithid an Rioghachd Aonaichte no Astralia. Tha a' chuid eile nas dluithe ris na duthchannan bochda, mar Na h-Innseachan no Pacastan.

'S e minearachd (airson a' mhòr chuid daoimean agus òr), caraichean agus urrasachd a th' anns na priomh gnìomhachasan ann an Afraga a Deas.


Armachd

'S e an armachd as laidire ann an Ceann a Deas Afraga a tha aig Afraga a Deas. Tha e a' cosg barrachd air Armachd na nabaidh sam bith aige agus ri linn seo tha an teicneolas as adhartaiche anns an roinn aige. B' abhaist armachd niuclasach a bhith aig Afraga a Deas ach chaidh an cur à feum ann an 1993.


Duilgheadasan le HIV

Tha mòran dhoaine ann an Afraga a Deas a' fulang le HIV agus AIDS. Tha an suideachadh gu math eiginneach le corr is fichead à ceud anns an t-sluagh a' fulang leatha.

Spòrs

'S e na spòrs as motha ann an Afraga a Deas a th 'ann an Criogaid, Rugbaidh agus Ball-coise. Nuair a bha Apartheid ann, bha bacadh air sgiobaidehan spòrs à Afraga a Deas.

Ceanglaichean A-Muigh

Teamplaid:Afraga gd:Afraga-a-deas