Ceithir-cheàrnach
'S e ceithir-cheàrnach an t-ainm a th' air poileagan aig a bheil ceithir ceàrnan, goban, no taobhan. Faodaidh e bhith sìmplidh no fèin-thrasnaidh, dronnach no cuasach. Tha dà thrastan aig ceithir-cheàrnach, agus ma tha e sìmplidh 's e suim nan ceàrnan a-staigh 360°.
![](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/gd/thumb/3/3a/4-cearnaich.jpg/500px-4-cearnaich.jpg)
Ceithir-cheàrnaich dhronnach
[deasaich | deasaich an tùs]'S e na ceithir-cheàrnaich dhronnach a dh' aithnichte nas fheàrr, agus tha ainmean sònraichte aig cuid dhiubh.
Trapesium
[deasaich | deasaich an tùs]'S e trapesium (facal Laideann leis an iolra: trapesia) a th' ann ma tha paidhir thaobhan co-shìnte aig a' cheithir-cheàrnach. Tha na ceàrnan ∠BAD agus ∠ADC co-leasachail, mar a tha na ceàrnan ∠ABC agus ∠BCD.
![](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/gd/thumb/f/f7/Trap-2.jpg/200px-Trap-2.jpg)
Parailealogram
[deasaich | deasaich an tùs]Ma tha an dà phaidhir thaobhan co-shìnte, 's e ceithir-cheàrnach co-shìnte no parailealogram mar ainm air. Tha trastain a' pharailealograim a' dèanamh dà leth air a chèile. Tha na taobhan mu choinneamh den aon fhaid agus tha na ceàrnan aig goban mu choinneamh co-ionnan.
![](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/gd/thumb/0/08/Parailealogram.jpg/200px-Parailealogram.jpg)
Rombas
[deasaich | deasaich an tùs]Ma tha parailealogram ionnan-thaobhach, canar sinn rombas ris. Tha trastain an rombais a' trasnadh aig ceàrn ceart. 'S e parailealogram agus trapesium a th' ann an rombas agus tha e a' sealbhachadh feartan nan cumaidhean ud.
![](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/gd/thumb/0/06/Fo-phar.jpg/350px-Fo-phar.jpg)
Ceart-cheàrnach
[deasaich | deasaich an tùs]Ma tha parailealogram ionnan-cheàrnach, canar sinn ceart-cheàrnach ris. Tha faid nan trastan co-ionnan agus 's e ceàrn ceart a th' anns gach gob. 'S e parailealogram agus trapesium a th' ann an ceart-cheàrnach agus tha e a' sealbhachadh feartan nan cumaidhean ud.
Ceàrnag
[deasaich | deasaich an tùs]Ma tha rombas ionnan-cheàrnach, no ceart-cheàrnach ionnan-thaobhach, canar sinn ceàrnag ris. 'S e ceart-cheàrnach, rombas, parailealogram agus trapesium a th' ann an ceàrnaig agus tha i a' sealbhachadh feartan nan cumaidhean seo uile. A bharrachd air sin 's e ceithir-cheàrnach riaghailteach a th' innte.
![](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/gd/thumb/c/c3/Cearnag.jpg/100px-Cearnag.jpg)
Ceithir-cheàrnaich chearclach agus bheantainneach
[deasaich | deasaich an tùs]Ma ghabhas gach gob a' cheithir-cheàrnaich a' lorg air cearcall, 's ann cearclach a tha an ceithir-cheàrnach agus tha feartan eile aige.
Ceàrnan aig goban mu choinneamh
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann co-leasachail a tha na ceàrnan aig goban mu choinneamh ceithir-cheàrnaich cearclaich sam bith.
![](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/gd/thumb/8/87/C-chearcall-2.jpg/120px-C-chearcall-2.jpg)
Trapesium co-chasach
[deasaich | deasaich an tùs]Ma tha trapesium cearclach tha e co-chasach. Tha loidhne cothromachaidh aige. Tha an aon fhaid aig na taobhan claon agus 's ann co-ionnan a tha na ceàrnan aig gach ceann nan loidhnichean co-shìnte.
![](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/gd/thumb/c/cf/Trap-3.jpg/150px-Trap-3.jpg)
'S e cuisean sònraichte de thrapesium cearclach a th' ann an ceart-cheàrnach agus ceàrnag.
Ceart-cheàrnaich bheantainneach
[deasaich | deasaich an tùs]Tha ceithir-cheàrnach beantainneach ma tha gach taobh dheth na bheantan ris an aon chearcall shnaighte. Ma tha e co-chasach, 's e itealag a th' ann. Tha a dhà de na taobhan a tha dlùth ri chèile co-ionnan agus tha an dà eile den aon fhaid cuideachd. 'S e an loidhne chothromachaidh an trastan as mò. Tha an trastan seo a' dèanamh dà leth air an trastan eile agus tha iad a' trasnadh aig ceàrn ceart.
'S e cuis sònraichte de dh' itealaig a th' ann an rombas agus ceàrnag.
![](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/gd/thumb/e/ec/4-cearn-snaighte.jpg/300px-4-cearn-snaighte.jpg)
Ceart-cheàrnaich dhà-mheadhanach
[deasaich | deasaich an tùs]Ma tha ceithir-cheàrnach beantainneach agus cearclach tha cuairtchearcall agus cearcall snaighte aige. San fharsaingeachd, chan eil an dà chearcall co-mheadhanach. Nam biodh, b' e ceàrnag a bhiodh ann.
![](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/gd/thumb/6/61/4-cearn-2-mheadhan.jpg/150px-4-cearn-2-mheadhan.jpg)